Runrig
Faileas air an Àirigh

Tha faileas air an àirigh
Faileas air an àirigh
Tha 'n long a-muigh ceann a' bhàigh
Air madainn Chèitein tràth

Tha grian ar cuimhne ag èirigh
Grian ar cuimhne ag èirigh
A' siubhal sràidean dùthaich Ghalld'
Tro bhailtean saoghail chèin

Tha 'm feasgar ciùin 's na siantan blàth
Grian san iar, mar mheall den òr
Cuan mar sgàthan gorm gun sgleò
Bu mhòr mo mhian bhith 'n Uibhist leat

Togaidh sinn ar fonn an àrd
Togaidh sinn ar fonn an àrd
'S ged tha mi fada bhuat
Cha dhealaich sinn a-chaoidh

Togaidh sinn ar fonn an àrd
Togaidh sinn ar fonn an àrd
'S ged tha mi fada bhuat
Cha dhealaich sinn a-chaoidh

Togaidh sinn ar fonn an àrd
Togaidh sinn ar fonn an àrd
'S ged tha mi fada bhuat
Cha dhealaich sinn a-chaoidh